 |
Nine great reasons to buy from Midnight Oil Books. |
|
|
A CHLANNA NAN GAEL!
'Sdearbhta nach eil an duigh Cinneach as airde cliu na sibh fein ag aiteachadh an domhain. Thoill sibh, marri bhur sinnsir, an luaidh òirdheirc so am builsgein gach cruadail. Chuir na n Laoich o na ghineadh sibh, le taic nam Beann, le misneachd an Dain, 's le faobhar a claidhe, na Roimhich o shean, air ais do'n tì chein, ge do cheannsaich iad earran mhor dhe n Domhain. 'S anns na blaraibh cian-iomraideach a thugadh anuadh, air feadh na h-Eorpa, nuair a bhagair Aintighearna na Frainge, gu ladarna, aon tighdaorsainn a dheanamh do'n t-saoghal gu leir, sheas sibhse, mar bu dual, ri gualai bhur Righ dhumhahasaich, gu calma, curannta, cunbhalach, bhur namunnabh brâs san chath, le meamnadh Ghaisgeach na Feinne, agus fhuair sibh, mar iadsan, moladh an dànabh gach Dumhchadh, nach leigear air diochuimhn gus an sguir na soluis neamhaidh a thomhas bhliadhnachan agus linntin.
Chum gu'n deanta, le h-uirigleadh taitneach bhur Baird fein, a mòr aigne so altrum, abachadh, agus a shior-mhosgladh, feadh na linntean a tha ri teachd, gus an eirich e gu barr mhullach na mòralachd, tha na dàin a dhealbh Ossian Mac Fhinn air an tairgseadh dhuibh anns an Leabhar so, a nasgaidh, le deadh dhurachd dhaoin uaisle araid a bhuineas dhuibh fein.
Gu m bu fada mhealas sibh an cliu sin a tha cho dligheadh dhár munntir, anns gach deadh bheus agus deadh ghniomh. Lionmhor bitheadh 'ur sliochd mar Reulta nèimhe, cruadalach mar an Darach nach cìosnich siàn a gheamhraidh; sgun robh saoirse, agus sonas, gu brath, ag aiteachadh tìr na m Beann, 's na 'n Gleann, 's na 'm Breacan !!!
[Finis]
PREVIOUS Roimh Radh
BACK to Ossianic Poetry Index
NEXT Cath Loduinn
A word on annotation used. At points the type is obscured, faded or the page itself missing. The following notation is used in such cases:
[] - a single unknown digit
[dh] - missing characters suspected of being e.g. 'dh'
[4] - four missing characters
[~4] - around four missing characters
[p12] - text page 12
[Finis] - Chapter end
[FINIS] - Text end
The command "Ctrl+=" allows one to increase the text size, and to reduce press "Ctrl+-"
|
|
|

An error occurred while processing this page. REST error. Couldn't load recent books.
Please feel free to explore our site further. |
|