 |
Nine great reasons to buy from Midnight Oil Books. |
|
|
GAOL-NAN-DAOINE
CHAOL-AMHAINN nan sruth ciar o charn,
Dorcha dall do shiubhal shuas;
Tha mo shùil measg iomairt do chrann,
Talla Charuill nan lann 's nam fuaim!
An sin a bhatuineadh na h-àille,
Gaol-nan-daione, sàr fhuil an righ:
A sùile mar sholus nan reul,
A ruighe gasda gun bheud; bha 'làmh
Geal mar chobhar air uisge nan leum;
Dh' èireadh ciocha nam beus gu mall
Mar thonna bar-gheal a' chuain mhòir;
A h-anam 'na shruth do sholus
Fo urla corrach, a b'àillidh snuagh.
Co ise measg òighe 'n ard bhrollaich,
Bu choimeas ri glan rùn an t-sluaigh?
Fo ghuth caismeachd righ nam buadh,
Gu Cròna nan sruth ruadh, tha thall,
Ghluais Toscar o Lutha gun ghruaim,
Is Oisean, fear luaidh nan dàn,
Tri baird air ar taobh le fonn,
Tri sgèith nach robh lom, 'n ar còir,
Dol a thogail nan clach air an tom,
Chuireadh cuimhne nan sonn fo ghlòir.
Aig fiar shruth chòinnich Chròna féin
Sgap Fionnghal, an t-ard threun, na dàimh;
Theich coigrich roimh 'chlaidheamh gu léir,
Mar ghrabh mhuir a' beumadh air traigh.
Thàinig sinne gu raon a chliu;
Theiring an oidhche o chùl nan carn;
Reub mi darag o leathad nan smùr;
Thogadh lasair measg mùig nan ard.
"Seallaibh sìos, mo shinns're treun;
Seallaibh sìos o 'r tallaibh fèin,
'Nuair mhosglas cliu as-ùr ar clann,
Soillsidh suinn nan lann air gaoith."
[tbc]
BACK to Ossianic Poetry Index
A word on annotation used. At points the type is obscured, faded or the page itself missing. The following notation is used in such cases:
[] - a single unknown digit
[dh] - missing characters suspected of being e.g. 'dh'
[4] - four missing characters
[~4] - around four missing characters
[p12] - text page 12
[Finis] - Chapter end
[FINIS] - Text end
The command "Ctrl+=" allows one to increase the text size, and to reduce press "Ctrl+-"
|
|
|
|