 |
Nine great reasons to buy from Midnight Oil Books. |
|
|
ROIMH RADH.
[]HAD'sa chaidh seanchas a' chinnidh dhaonna a []rannsachadh, fhuaras gu'n robh ceud fhiosrachadh gach sluaigh air fhoillseachadh ann an duanaibh Bhàrd. Tha an Leabhar Noamh []na dhearbhadh sìorruidh gu'n robh moladh an Uile-chumhachdaich, agus dhaoine deadh-thoillteannach 'ga thaisbeineadh ann an rannaibh o thùs an domhain. 'Sann à h-òranaibh nam Filidh a choimh-dhealbh gach cinneach san airde 'near an earrann bu mhò 's bu shine d'an cuid eachdraidh. Cha 'n'eil fine a chraobh-sgaoil air feadh na h-Eorpa, nach do ghléidh an cleachdadh seudna, A réir an teisteannais a's fearr a ta againn a thaobh [p2] ghnathanna agus mhodhanna ceud luchd-àit eachaidh eileana Bhreatainn agus na h-Eirinn, 's ann an rannachd a bha'n t-iomlan d[]n cuid fòghluim air a[~]dhealbh. Anns gach ionad 'san d'rinn iad bàilteachas 'na dhéigh sin, dhlùth-lean iad ris a Bhardachd. Taisbainidh sin an t-aobhar mu'n robh duain cho phailt am measg ar sinnseara ; agus noch[~4] e ciod an seòl air an d'fhàs a' Ghailig cho foirfe 'sgach buaidh a bhuineas do chànain dhiongmhalta. Bha'n fhilidheachd, a là agus a dh'oidhche, am beul nan òg agus nan sean.
Ge b'e ni ris an cuireadh e a làmh, no ris an leagadh e a chridhe, gheibheadh an Gàidheal toilinntin sa'bhardachd, agus bhoidh an t-òran dùthchais a' cur sunnt air 'aigne. B'e gnìomh nam bard, a bhi 'seinn cliù ghaisgeach, agus a' mosgladh an t-sluaigh gu treuntas; agus 'si tàmailt cho mhòr 'sa b'urrainn an Gàidheal foghainteach fhulang, " gun iomradh bhi air 'ainm san dan." Dream mata mar na Bàird, a bha cho feumail am measg sluaigh 'gan robh cridheachan fosgailteach, fiolaidh, fiughanta, [p3] maille ris gach ard bheachd a bhuinneadh do Chinneach mìleanta nach do sthrìochd riamh do chuing choigrich, is coltach gu'm faigheadh iad gach urram; agus gu'n d'thugadh iad gach oidhrip air a thaisbeineadh gu'n robh iad toillteannach air a' mheas so o uaislibh agus o ìslibh an dùthcha. Mar so bha ard chliu agus deadh bheusan a' beothachadh agus a' brosnachadh a chéile cho mòr, 's nach iongnach idir ge do bha na Gàidheil cho déigheil air solus an dàin a chumail suas o linn gu linn.
Am measg nam Bàrd a bha ainmeil o shean ann an Gàeltachd Alba, b'e Oisian gu mòr a b'airde cliu. Bha na duain a rinn e coimhlionta anns gach buaidh, leis an urrainn teangaireachd an t-anam a mhosgladh gu h-ard smaointean agus gu mòr ghniomharan. Chlòbhualadh uime sin na duain a rinn e air chlàraibh cridheachan nan Gàidheal. Bha iad 'gan sìor-aiseag o' Athair gu mac, anns gach ionad anns an do labhradh Gailig, rè iomadh linn. B'i ranntachd Oisein toilinntinn [p4] gach cuirme agus gach còmhdhalach. Anns na h-oidhchean fada geamhraidh, mu chagailt a' ghealbhain shuilbhearra, agus mu sholus an lòchrain daraich no ghiubhais, bhiodh sgeul nan euchd a rinn Fionn, Oscar, Cuchulluinn, Caoilte, Goll agus Diarmad, a'fadadh tein' aoibhinn an uchdaibh na h-oigribh, agus a' toirt nam bliadhnachan a dh'fhalbh, le'n uile dhearrsadh, gu cuimhne nan aosmhor.
Dlùth air ceud bliadhna roimhe so, thàinig muthadh mòr air cleachadh agus modhannaidh nan Gàidheal. Bu ghann teaghlach Cinncinnidh, aig an robh ni's fhaide bàrd, no clàrsair, no seanachaidh, mar a b' àbhaist doibh roimhe sin. Leigheadh gu mòr air diochuimhn na seann dàin bu taitneach le'n sinnsearraibh.
Air eagal, an ùine ghearr, gu'n caillteadh iad gu tur, air iarrtus agus cosgais dhaoin' uaisle foghlumta ann an Dùn-éidin, agus sa' choimhearsnachd, thug Seumas Macmhuirich, a Baideanach, mu chùig bliadhna deug an déigh latha Chuil-fhodair, dà chuairt air feadh na Gàeltachd, [p5] chum gu'n cruinnicheadh e na dh'fheudadh e do dhànaibh Oisein. Na fhuair e dhiubh thionndaidh e, air ball, gu beurla. Bu ghann neach nach do leugh, agus nach do mhol, a' Shaothair. _Sgaoil i air feadh na Roinn-Eorpa gu léir. Chaidh a tionndadh 'sgach cànain; air doigh 's gu'n d'thuair Oisian ann an tìribh imchéin, agus an caintibh choigreach, am moladh agus an t-ardachadh sin nach d'fhuair e roimhe riamh, ach ann an cànain, agus an dùthaich nam beann. Air impidh cuid d'a luchd-eòlais chuir Seumas Macmhuirich roimhe na dain ghaelach a chruinnich e a chlò-bhualadh mar an ceudna; ach a chionn nach d'thainig a bheag air an aghaidh a bha miannach air a' ghniomh a chuideachadh, b'éigin da san àm, a rùn a leigeadh air cùl.
Chaidh fios so gu h-Innsibh na h-airde 'near, far an robh an Ridir Jan Macgregair agus moran eile a dh'uaislibh na h'Alba. _Chruinnich e fein, agus a chairdean, ar ball, airgiod gu leor, a chuireadh a dhionnsuidh Mhic Mhuirich, gus an gnothach a chur air aghaidh, ach fhuair esan bàs gun an obair a chuair amach, agus shaidh iomadh dhe na dainibh air chall.
Bhuilicheadh ochd mile deug marg do n airgiod so, ann an clòdh-bhualadh na Gaelic ann an Lunnuin, sa bhliadhna 1807, maille ri tionndah fìrinneach, focal air fhocal, gu Laidinn, le Roibeart MacPharlain. _Tha n'tseothair so air a h-ath fhoillseachadh, as euggmhais na Laidinn, gu leas coitchionn nan Gaidheal. Tha a Ghaelic air a glanadh, leis an duin uasal foghluimta, Eobhan Mac Lachlainn, o mhearachdaibh a rinneadh roimhe, le cabhaig, no le dearmad. Leanadh an so am modh scriobhaidh a chleachd an oll' urramach, Jain Stuibhart, ministir Luis, annsa Phiobull Ghaelach, a thaobh, le breth aonsgeulaich luchd foghluim, gur e so seol scriobhaidh a's fearr a fhreagras do chomh-dheilbh na cánain. _Shamhluich an Ridir, le laimh fein, an obair so, a lion sreith agus sreith, ris a' chlodh-bhualadh Lunuinnneach.
[Finis]
BACK to Ossianic Poetry Index
NEXT A Chlanna nan Gael!
A word on annotation used. At points the type is obscured, faded or the page itself missing. The following notation is used in such cases:
[] - a single unknown digit
[dh] - missing characters suspected of being e.g. 'dh'
[4] - four missing characters
[~4] - around four missing characters
[p12] - text page 12
[Finis] - Chapter end
[FINIS] - Text end
The command "Ctrl+=" allows one to increase the text size, and to reduce press "Ctrl+-"
|
|
|

An error occurred while processing this page. REST error. Couldn't load recent books.
Please feel free to explore our site further. |
|